Dithis air am beatha a chall ann an teintean

Einnsean-smàlaidh

Chaill dithis am beatha ann an teintean air a' Ghàidhealtachd air an deireadh-sheachdain.

Bhàsaich fireannach às dèidh teine ann am Bun Ilidh Disathairne.

Chaidh fios air an t-seirbheis smàlaidh mun teine air Sràid Trentham sa bhaile mu 4.30f Disathairne.

Bha mu 20 smàladair à Bun Ilidh, Goillspidh agus Dùn Beithe an làthair.

Rinn iad cobhair air fear a bha am broinn an taighe, ach chaochail e goirid às dèidh dha an ospadal a ruighinn.

Bhàsaich dà chù a bha san taigh cuideachd.

Rata Mhurchais

Bhàsaich fireannach eile, a bha còrr is 80, ann an taigh ann an sgìre Rata Mhurchais Didòmhnaich.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean-èiginn aig 1.30f Didòmhnaich.

Tha dùil gun tòisich sgrùdadh air gach teine Diluain.

Chaidh na poilis is seirbheis na smàlaidh cuideachd gu teine aig taigh ann an Tairbeart na Hearadh Didòmhnaich.

Fhuair iad brath mun teine mu 12.30f.

Chaidh boireannach a bha san taigh a thoirt dhan ospadal ann an Steòrnabhagh.

Tha rannsachadh mun teine a' leantainn.