BBC Naidheachdan

"Mìosan" mus bi fios mu Rio Tinto

Published
image copyrightPhilip Williams / Geograph

Thuirt am BPA, Dàibhidh MacThòmais, gum bi deagh ghreis ann mus bi fios mu na an dàn dha Rio Tinto Alcan ann an Loch Abar.

Dh'innis a' chompanaidh Dihaoine gun dèan iad ath-sgrùdadh air an obair aca san sgìre.

'S ann leotha a tha leughadair a' Ghearasdain, cho math ri stèiseanan hydro sa Ghearasdan agus ann an Ceann Loch Lìobhann.

Tha oighreachdan aca ann an Loch Abar cuideachd.

Tha còrr is 200 ag obair aig na làraich.

Thuirt Rio Tinto Alcan gur e staid a' mhargaidh, agus na h-eaconomaidh, an-dràsta as coireach.

"Gach roghainn"

Coimheadaidh iad air "gach roghainn", thuirt iad.

Bha còmhraidhean aig Dàibhidh MacThòmais ris a' chompanaidh air an deireadh-sheachdain.

Tha e ag ràdh gun toir e ùine mus bi soilleireachadh ann mu shuidheachadh Rio Tinto Alcan ann an Loch Abar.

"S e an tuigse a th' agam gun tòisich an ath-sgrùdadh an ceartuair, an ceann seachdain no dhà", thuirt Mgr MacThòmais.

"S e ath-sgrùdadh mhionaideach a bhios ann, tha e coltach gun toir e mìosan", thuirt e.

Dh'innis Mgr MacThòmais cuideachd gu bheil e an dòchas gun tèid obair na companaidh san sgìre a ghlèidheadh.

"Chan eil mi 'son a bhith ro dhubhach mun seo.

"Tha mi an dòchas air a' cheann thall gun innis an ath-sgrùdadh gum bu chòir dhaibh airgead a bharrachd a chosg air an leughadair", thuirt e.