An Rest ga dheasbad às ùr

  • Air fhoillseachadh
Gleann a' ChròTùs an deilbh, Sylvia Duckworth / Geograph

Tha suidheachadh an A83 aig an Rest and Be Thankful ga dheasbad às ùr Diluain le coinneamh san Àrchar.

'S e Ministear na Còmhdhail, Derek MacAoidh, a bhios os cionn na coinneimh den bhuidhinn-ghnìomha a tha a' coimhead ris a' chùis.

Dhùin maoimean-slèibhe ann an Gleann a' Chrò an rathad tric is minig thar nam bliadhnaichean.

Bha an rathad dùinte a-rithist bho chionn cola-deug air sgàth maoim-slèibhe.

Bha feum mu dheireadh thall air creag os cionn an rathaid a sgoltadh às a cèile.

Fuasgladh

Thuirt Dòmhnall Clark à Seòmraichean Malairt Mheadhan Earra-Ghàidheal gu bheil an t-am ann fuasgladh a lorg.

"Tha iad ag ràdh gu bheil Earra-Ghàidheal fosgailte", thuirt Mgr Clark.

"Chan eil. Bha Earra-Ghàidheal dùinte tron oidhche mu 5 oidhcheannan (mar thà am-bliadhna).

"Chan urrainn dha Earra-Ghaidheal an droch bhuaidh a tha seo fhulaing", thuirt e.