Tidsearan Gàidhlig a bharrachd
- Air fhoillseachadh

Chaidh an àireamh de dhaoine a tha a' trèanadh airson a bhith nan tidsearan Gàidhlig an àirde thairis air an dà bhliadhna mu dheireadh.
Sheall figearan a dh'fhoillsich Bòrd na Gàidhlig gun do thòisich 35 tidsear ùr anns a' bhliadhna sgoile seo, 27 aig ìre bun-sgoile agus 8 aig ìre àrd-sgoile.
'S e àrdachadh a tha sin an taca ri 2014 nuair a bha 30 tidsear ùr ann.
Leudachadh
Dh'innis am Bòrd gu bheil dùil ri leudachadh eile gu 37 an ath-bhliadhna.
'S fhada bho chaidh draghan a thogail mu ghainnead thidsearan ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
Thog cuid a fhreagair co-chomhairle air Bile an Fhoghlaim dragh mun t-suidheachadh.
Bha Comhairle Bhaile Ghlaschu am measg na thuirt gum faodadh am bile iarrtas 'son foghlam sa Ghàidhlig nach gabhadh a shàsachadh leis na th' ann do thidsearan.
Toileachas
Rinn Bòrd na Gàidhlig toileachas ris na figearan ùra.
"Ma tha tuilleadh leudachaidh a' dol a thighinn air foghlam na Gàidhlig agus ma tha barrachd der n-òigridh a' dol a dh'fhaighinn cothrom air na buannachdan is an t-ionnsachadh prìseil a gheibh iad leis an fhoghlam sin, tha e deatamach gum bi luchd-teagaisg misneachail is uidheamaichte againn", thuirt an ceannard foghlaim eadar-amail Brus Robasdan.
"Tha e na adhbhar misneachd dha-rìribh a bhith faicinn feadhainn den chiad sgoilearan a chaidh tro fhoghlam Ghàidhlig a-nis iad fhèin a' dol nan tidsearan Gàidhlig", thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 26 Am Faoilleach 2016