Rugadh a' chiad leanabh ann an amar-breith Steòrnabhaigh

  • Air fhoillseachadh
An teaghlachTùs an deilbh, NHS nan Eilean Siar

Rugadh a' chiad leanabh ann an amar-breith Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh.

Thàinig Alasdair Watney Dòmhnallach dhan t-saoghal air Disathairne, an 16mh là dhen Fhaoilleach.

Ged 's e a' chiad leanabh a rugadh anns an amar chaidh a chleachdadh roimhe le boireannaich eile airson an cuideachadh lem pian.

Thuirt a mhàthair, Megan Watney, gun robh e fìor mhath dhith fhèin agus dha mac.

'S e Alasdair an dàrna leanabh aig Megan agus Seumas Dòmhnallach a tha a' fuireach ann an Linsiadar.

Thuirt a' bhean-ghluine a bha còmhla rithe, Cairstiona "Todag" NicChoinnich, gur e rud ùr a bh' ann dhith-se cuideachd.

Bhathas deich bliadhna a' feitheamh airson an amar-breith ann an Steòrnabhagh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh