Taghaidhean na h-iomain
- Published
Bidh Bàile Ùr an t-Sleibh an aghaidh Lòbhait sa chiad chuairt de Chupa MhicThàimhais am-bliadhna.
Chaidh na taghaidhean a dhèanamh aig Taigh-tasgaidh Inbhir Nis Diluain.
Thèid Gleann Urchadain, an sgioba a bhuannaich an fharpais an-uiridh dìreach troimhe dhan dàrna cuairt còmhla ri Cabair Fèidh agus Strath Ghlais.
Gheibh Cill Màillidh cothrom eile an aghaidh an Eìlein Sgitheanaich an dèidh do sgioba Eilean a' Cheò crìochnachadh air thoiseach orra san Lìog Nàiseanta an 2015.
Anns na geamaichean eile, thèid Ceann a' Ghiuthsaich an aghaidh a' Ghearasdain, cluichidh Inbhir Nis agus a' Mhanachainn agus cuiridh Loch Abar fàilte air Ceann Loch Seile.
Bidh na geamaichean ann air 26mh den Mhàirt.
Aig deas bidh Caol Bhòid, a bhuannaich an Cupa Ceilteach an 2013, 2014 is 2015, an aghaidh Eilean Bhòid no Srath Chura san dàrna chuairt am-bliadhna.
Bidh Camanachd an Òbain air falbh an aghaidh Bhaile a' Chaolais no An Caol Ghleann.
San taobh eile den taghadh, bidh Inbhir Aora air falbh an aghaidh Thaigh an Uillt no Obar Dobhair.
Chaidh na taghaidhean a dhèanamh cuideachd airson Chupa a' Bhaile Mhòir agus Cupa Mhic an t-Sutharlanaich.
Tha gach farpais mar a leanas;
Cupa MhicThàimhais
Ceann a' Ghiuthsaich - An Gearasdan
Baile Ùr an t-Slèibh -Lòbhat
Inbhir Nis - A' Mhanachainn
An t-Eilean Sgitheanach - Cill Mhàillidh
Loch Abar - Ceann Loch Sile
Dàrna Chuairt
Srath Ghlais - Ceann a' Ghiuthsaich /An Gearasdan
An t-Eilean Sgitheanach / Cill Mhàillidh - Baile Ùr an t-Slèibh /Lòbhat
Inbhir Nis / A' Mhanachainn - Loch Abar / Ceann Loch Sile
Càbair Fèidh - Gleann Urchadain
Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu
Gleann Urchaidh - Celtic an Òbain
Eilean Bhòid - Srath Chura
Baile a' Chaolais -An Caol Ghleann
Taigh an Uillt - Obar Dobhair
An dàrna chuairt
Baile a' Chaolais /An Caol Ghleann - Camanachd an Òbain
Caol Bhòid - Eilean Bhòid / Srath Chura
Taigh an Uillt / Obar Dobhair - Inbhir Aora
GMA - Gleann Urchaidh / Celtic an Òbain
Cupa a' Bhaile Mhòir
Strath Ghlais - Eilean Bhòid
Cill Mhàillidh - Inbhir Aora
Celtic an Òbain - Gleann Urchaidh
Càbair Fèidh - Inbhir Nìs
Baile a' Chaolais - GMA
Obar Dobhair - An Caol Ghleann
Taigh an Uillt & A' Mhanachainn troimhe gun cluich.
Cupa Mhic an t-Sutharlanaich
Càbair Fèidh - Scots Camanachd
Òban Latharna - Camanachd Leòdhais
Oilthigh Obar-Dheathain - Ceann Loch Seile
Both Fhleisginn - Eilean Bhòid
Caol Bhòid - An Gearasdan
Cill Mhàillidh - Lòbhat
Inbhir Nìs - Loch Abar
Gallaibh - A' Mhanachainn
Cille Mhoire - Inbhir Aora
Gleann Urchadain - Lochside Rovers
Obar Dobhair - Ceann a' Ghiuthsaich
GMA - An t-Eilean Sgitheanach
Loch Carrann, Gleann Garradh, Tatha For & Bàile Ùr an t-Slèibh troimhe gun cluich
Thèid na geamaichean a chluich air 9mh den Ghiblean.
Cupa Bhullough
Tatha For - Lochside Rovers
Dùn Omhain - Obar Dobhair
Caol Bhòid - Inbhir Aora
GMA - Scots Camanachd
Eilean Bhòid, Oban Latharna, Cille Mhoire, ESA troimhe gun cluich
Thèid na geamaichean a chluich air 14mh den Chèitean.
Cupa Shrath Èireann
Inbhir Nìs - Ceann a' Ghiuthsaich
Gleann Garradh - Gleann Urchadain
Thèid na geamaichean a chluich air 14mh den Chèitean.
Tha fiosrachadh a bharrachd aig Comann na Camanachd.