Sìm Friseal

  • Air fhoillseachadh
Sìm Friseal

Chaochail am fear-lagha Sìm Friseal à Leòdhas a bha aithnichte airson obair an lùib choimhearsnachdan a bha ag iarraidh sealbh fhaighinn air an fhearann aca fhèin.

Bha e 60 bliadhna de dh' aois agus bha e air a bhith tinn fad ùine.

Rugadh Mgr Friseal ann an Glaschu agus bha e a' fuireach ann an grunn àiteachan, an Apainn nam measg, mus do ghluais e a Leòdhas nuair a bha e na dheugaire.

Bha e ag obair na fhear-lagha ann an Steòrnabhagh le eòlas sònraichte aige air fearann agus laghan croitearachd.

Rinn Sìm Friseal obair ionmhalta a thaobh leasachadh fearainn ann an Alba.

Bha e an sàs ann an obair lagh-fearainn fad iomadach bliadhna.

Nuair a fhuair sluagh Asainnte agus muinntir Eilein Eige sealbh air an fhearann aca fhèin, bha Mgr Friseal gu mòr an sàs anns a' ghnothaich.

Thug e seachad comhairle is cuideachadh chan ann a-mhàin air Tìr-Mòr, ach anns a' choimhearsnachd aige fhèin, a bha air leth cudromach dha.

Bha e air a bhith tinn bho àm gu àm fad grunn bhliadhnaichean.

Tha e a' fàgail a bhean, dithis mhac agus dithis nighean, is mòran chàrdean is caraidean eile às a dhèidh.