An A9 nas sàbhailte
- Published
Thuit an àireamh thubaistean, agus an àireamh dhaoine a chaidh a ghoirteachadh, air an A9 anns a' chiad bhliadhna bho chaidh camarathan astair chuimheasaich a chur an sàs.
Sheall figearan a dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba gun do thuit an àireamh thubaistean anns an deach cuideigin a mharbhadh neo a dhroch ghoirteachadh, eadar Inbhir Nis agus Dùn Bhlathainn, cha-mhòr 59% eadar an t-Samhain 2014 agus an Dàmhair 2015.
Bha an àireamh de thubaistean mairbhteach, neo tubaistean anns an deach duine a dhroch ghoirteachadh, eadar Peairt agus Inbhir Nis sìos cha-mhòr 45%.
Cha robh tubaist mhairbhteach sam bith air an rathad anns an dàrna leth de 2015.
"Nas sàbhailte"
Thuirt Ministear na Còmhdhail, Derek MacAoidh, gur e seo a' chiad uair, bho chaidh an A9 a leasachadh anns na 70an, nach deach duine a mharbhadh air an rathad fad còig mìosan.
Tha seo a dh'aindeoin, thuirt e, gu bheil barrachd charbadan an-diugh a' cleachdadh an rathaid.
Chuir Poilis na h-Alba cuideachd fàilte air an lùghdachadh, agus thuirt an t-Àrd Shuperintendent Andaidh Edmonston gum feumar cuimhneachadh fhathast gun do chaill sianar am beatha air an rathad thairis air a' bhliadhna, agus dh'iarr e air dràibhearan a bhith faiceallach - chan ann a-mhàin air an A9 ach air rathaidean na h-Alba air fad.
Tha Riaghaltas na h-Alba air gealltainn an A9 a dhèanamh dà-fhillte ro 2025, aig cosgais de £3bn.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 19 Am Faoilleach 2016
- Published
- 28 Am Màrt 2014