Quinn air ais aig County
- Air fhoillseachadh

Chuir Pòl Quinn ainm ri cùmhnant 18 mìosan ri Ross County às dèidh dha Obar Dheathain fhàgail.
Bha Quinn, 30, air gluasad bho Inbhir Pheofharain gu Pittodrie san t-Samhradh.
Cha do thòisich e ach 12 geama dha na Dons ge-tà, is aithrisean ann cuideachd nach robh a theaghlach toilichte san Ear-Thuath.
Cupa na Lìge
Bidh cothrom aig Quinn, a bha roimhe na sgiobair aig County, cluiche an aghaidh Celtic ann an Cupa na Lìge Didòmhnaich.
Bha e air a' bheingidh nuair a chaill Obar Dheathain ri Hibs san fharpais nas tràithe air an t-seusan, ach cha do chluich e sa gheama.
Chluich Quinn 'son Tobar na Màthar, Cardiff City is Doncaster Rovers mus deach e gu County a' chiad turas.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh