Bratach
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Bratach Ghallaibh

27 Am Faoilleach 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chaidh bratach ùr oifigeil fhoillseachadh do Gallaibh - a' chiad bhratach-siorrachd air Tìr-Mòr na h-Alba.

An dèidh co-fharpais agus bhòt am measg an t-sluaigh, chaidh bratach a thaghadh a tha a' riochdachadh - sa phrìomh àite - dualchas Lochlannach na sgìre.

Tha i air cead oifigeal fhaighinn bhon Mhorair Leòmhann, a tha os cionn suaitheantais na h-Alba.