Crìochan gan cur air sgoiltean Gàidhlig
- Air fhoillseachadh

Tha pàrantan ann an Glaschu a' feitheamh gus faighinn a-mach bheil a' chlann aca a' dol a dh'fhaighinn àite ann an sgoiltean Gàidhlig a' bhaile an ath-bhliadhna.
Dh'innis Comhairle Ghlashu gur iad an fheadhainn as fhaisge air Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu neo an sgoil Ghàidhlig ùr, Sgoil Ghleann Dail, a gheibh àite.
Bidh an sgoil ùr ann am Pollokshields air taobh a deas a' bhaile.
Tha àireamh nan sgoilearan air a dhol an-àirde gu mòr ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, le mu 100 air feuchainn ri àite fhaighinn innte gach bliadhna san trì bliadhna mu dheireadh.
Cumail beò
Gabhaidh an sgoil 75 sgoilearanan ùra gach bliadhna, thar trì chlasaichean.
Ach leis an sgoil ùir cuideachd, tha 141 air àite iarraidh - 91 dhiubh sin airson Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.
Eadar an dà sgoil tha 100 àite ann, le Sgoil Ghleann Dail a' fosgladh sa Mhàrt, ach gabhaidh i sgoilearan ùra bhon ath-bhliadhna-sgoile.
Chan iad an fheadhainn a tha air a bhith anns an sgoil àraich neo feadhainn aig a bheil Gàidhlig aig an taigh.
Tha Donna NicLeòid am measg an fheadhainn nach eil cinnteach am faigh an nighean aice àite.
"Nam bheachd - agus tha seo dìreach dhomh fhìn - 's e sgoil Ghàidhlig a th' ann," thuirt i.
"Agus nam shùilean-sa, bhiodh e feumail gum b' urrainn dha daoine a th' air an togail, a tha a' bruidhinn Gàidhlig aig an taigh, a tha fodha le cultar na Gàidhlig, gum biodh an cothrom aca faighinn a-steach dhan sgoil.
"Dhomhsa 's e, uell, tha sinn a' feuchainn ri Gàidhlig a chumail beò, agus seo an rud a tha mise a' feuchainn ri dhèanamh.
"Agus bhiodh e gu math cudromach dhan nighean agamsa air sgàth tha sinn a' bruidhinn anns a' Ghàidhlig.
"Sin an cànan a th' againn.
"Cha d' fhuair mise an cothrom sin, 's tha mi airson an cothrom sin a bhith aicese," thuirt i.
Anns an sgoil ùir, tha 25 àite ri fhaotainn, aon chlas - ach chuir 50 a-steach air a son.
Gainnead Thidsearan
Mura bheil bràithrichean no peathraichean aca san sgoil, mura bheil feumalachdan sònraichte air am feumar feart a ghabhail, no mura bheil iad faisg air àite-obrach agus iad nam pàrantan nan aonar, 's e an neach as fhaisge a gheibh àite san sgoil.
Tha dragh ann ge-tà, nach eil sin a' toirt feart sam bith do dhaoine aig a bheil ùidh sa chànan, aig a bheil clann a bhruidhneas i, no a bheil iad air a bhith san sgoil-àraich, ge b' e càite a bheil iad a' fuireach.
Tha an riaghailt sin a-nis fìor airson an dà sgoil, ach tha pàrantan air ath-chuinge a thogail na aghaidh.
Thuirt Comhairle Baile Ghlaschu nach eil dòigh eile ann.
"'S e an aon roghainn eile a bhiodh ann, gun cruthaicheamaid tuilleadh àiteachan sgoile tro mheadhan na Gàidhlig do 140 pàiste," thuirt Stiùiriche an Fhoghlaim, Maureen McKenna
"An lorg thu dhomhsa tidsearan bun-sgoile, le teisteanas agus a tha fileanta sa chànan?
"Tha an sgoil Ghàidhlig a th' againn a' ruith 2.4 tidsear fodha, agus tha sinn a' dèanamh a' ghnothaich le a bhith a' cleachdadh cuid de na tidsearan àrd-sgoile," thuirt i.