Coinneamh mu ghluasad ola
- Air fhoillseachadh

Thèid planaichean connspaideach gus cead a thoirt 'son ola a ghluasad eadar soitheachan aig beul Linne Chrombaidh a dheasbad aig coinneimh oidhche Chiadain.
'S iad Port Linne Chrombaigh a th' air am plana a chur air adhart, ach tha luchd-iomairt ag ràdh gu bheil cunnart ann dhan àrainneachd.
Tha an cead aca mar thà aig Ionad-Ola Bhàgh an Eige.
Nam faigheadh iad cead a dhèanamh aig muir, dh'fhaodadh còrr is 8,000,000 tunna de dh'ola amh a bhith air a ghluasad eadar soithichean gach bliadhna.
A rèir luchd-iomairt ge-tà, tha e nas cunnartaiche buileach seo a dhèanamh sa mhuir fhosgailte, is iomagain orra mun bhuaidh air a' chladach is àrainneachd timcheall nam faigheadh ola ma sgaoil.
Tha an cleachdadh ann mar thà aig Scapa Flow ann an Arcaibh, ach chaidh moladh 'son a cheadachadh ann an Linne Fhoirthe a thilgeil às roimhe.
Bidh coinneamh phoblach ann am Baile Chrombaigh oidhche Chiadain gus na planaichean a dheasbad.