Iasgairean a' togail fianais

  • Air fhoillseachadh
Bàtaichean-iasgaich

Tha iasgairean à Siorrachd Àir, Earra-Ghàidheal agus Malaig a' siubhal a Dhùn Èideann Diciadain gus strì an aghaidh Riaghaltas na h-Alba mu phlanaichean 'son lìonra de sgìrean glèidhte mara.

Tha iad a' fàgail air an Riaghaltas nach eil iad a' gabhail ris an dragh a th' orrasan agus an luchd-saidheans aig an Riaghaltas fhèin.

Thuirt ceannardan nan iasgairean nach eil iad a' dol an aghaidh na h-oidhirp gus àrainneachd na mara a dhìon.

Ach tha iad ag ràdh gu bheil na planaichean a th' aig an Riaghaltas an-dràsta airson 14 a-mach à 30 sgìre ghlèidhte MPA, fada ro theann, agus gu bheil cunnart nan lùib do bheò-shlaint nan iasgairean.

Milleadh Maireannach

Tha na planaichean airson sgìrean glèidhte mara deas air Eilean Arainn air a bhith gu math connspaideach.

Ach tha an fheadhainn a th' airson nan sgìrean glèidhte ag ràdh gu bheil na h-iasgairean a' dèanamh fada cus den chùis, 's gu bheil gach cuid iasgairean slaite agus iasgairean clèibhe a' cur taic riuthasan.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh, mura dìon iad na costaichean, gum bi milleadh maireannach ann do dh'iasg agus grunnd na mara.

Dheadh casg a chur air an iasgach anns na sgìrean, a tha ag amas air dìon a chur air stoc an èisg agus àrainneachd ghrunnd na mara.

Tha diofar bheachdan aig iasgairean air na planaichean, le cuid nan aghaidh, ag ràdh gun dèan e milleadh air an cosnadh, 's cuid eile air an son, ag ràdh gun cuir iad dìon air stocan a th' ann an cunnart.

Cha deach an reachdas tron Phàrlamaid fhathast.

Dhiùlt Comataidh nan Cùisean Dùthchail moladh bhon BhPA Thòraidheach, Jamie MacGriogair, a bh' air iasgairean a shaoradh bho chuid de na cuingealaichean.

Bha e ag iarraidh gun deadh casg a thogail air tràladh air grunnd na mara ann an 14 de na sgìrean - nam measg Loch Suain, Arainn a Deas, Loch Fìn Uarach, agus Hiort.