Cait fhiadhaich an Inbhir Pheofharain?

Cat fiadhaich an Inbhir Pheofharain Image copyright Scottish Wildcat Action

Dh'fhaodadh gun deach cat fiadhaich a ghlacadh air camara faisg air iomall fear de na bailtean as motha air Ghàidhealtachd.

Thogadh an dealbh faisg air Inbhir Pheofharain, leis a' bhuidhinn Scottish Wildcat Action.

Thogadh dealbh de chat eile a dh'fhaodadh a bhith na mheasgachadh de chat fiadhaich agus cat taighe leis an aon chamara.

Tha Srath Pheofhar air tè de na sgìrean prìomhachais aig a' bhuidhinn.

Tar-bhriodadh

Cha deach cait fhiadhaich a chlàradh roimhe san sgìre.

Aig a' cheart àm thog camarathan na buidhne ann an Srath Bhalgaidh ann an Siorrachd Obar Dheathain dealbh de chait nach eil air an aithneachadh fhathast.

Tha a' bhuidheann an-dràsta a' dèanamh an sgrùdaidh as motha riamh air cait fhiadhaich na h-Alba.

Image copyright Scottish Wildcat Action
Image caption Aithnichear cait fhiadhaich le dealbhan ri linn chomharraidhean a tha gan sònrachadh bho chait eile.

Mairidh an sgrùdadh 60 là, le còrr is 300 camara, agus còrr is 130 saor-thoileach an sàs.

Tha iad ag amas air còig de na sia sgìrean prìomhachais aig a' bhuidhinn - Srath Pheofhar, Srath Bhalgaidh, Srath Ath-Fhionn, Srath Spè a Tuath, agus Gleanntan Aonghais.

Thèid obair a dhèanamh san sgìre eile, a' Mhorbhairne, nas fhaide den bhliadhna.

Aithnichear cait fhiadhaich le dealbhan ri linn chomharraidhean a tha gan sònrachadh bho chait eile.

Gleanntan Aonghais

Tha Dualchas Nàdair na h-Alba, a tha nan com-pàirtichean sa phròiseact, ag ràdh gun deadh an dàta a chruinnichear a chleachdadh gus dìon nas fheàrr a chur air na cait fhiadhaich.

Am measg sin, tha iomairt fharsainn gus cait taighe agus cait a th' air mac an duine fhàgail a dh'fhuireach gu nàdarra, a spò, gus stad a chur air tar-bhriodadh.

A thuilleadh air am fuil a mheasgachadh, bidh sin cuideachd a' toirt tinneasan do na cait fhiadhaich.

An-uiridh, chaidh Gleanntan Aonghais aithneachadh mar an sgìre leis an àireamh as motha de chait fhiadhaich "glan".

'S e glè bheag de chait fhiadhaich ghlan a th' air fhàgail san dùthaich, ri linn tar-bhriodaidh le cait eile, call àrainneachd, agus tinneasan.

Ann am pròiseact fa-leth, anns nach robh Scottish Wildcat Action an sàs, chaidh sgìrean de dh'Àird nam Murchan a chomharrachadh mar thèarmann chat fiadhaich ann an 2014.

Chaidh cait taighe san sgìre a spò feuch stad a chur air tar-bhriodadh.