Eaglais na h-Aoidhe ann an cunnart
- Published
Tha tè dhen na h-eaglaisean as sine anns na h-Eileanan Siar ann an cunnart tuiteam dhan a' mhuir.
Leag droch shìde a' Gheamhraidh pàirt den bhalla a tha a' dìon a' chladh aig Eaglais na h-Aoidhe anns an Rubha, agus tha eagal ann a-nis gum falbh barrachd dheth ma thig droch stoirm eile bhon àird a tuath.
Dh'fhosgail an eaglais dhan phoball às ùr an-uiridh, às dèidh dha na ballachan a tha ga dìon bhon mhuir a bhith air an neartachadh.
Tha tuilleadh droch shìde a-nis air pàirt den bhalla a sguabadh air falbh ge-tà.
"Làrach phrìseil"
Thuirt Cathraiche Eaglais na h-Aoidhe, Tormod MacLeòid, gu bheil e riatanach gun tèid an làrach eachdraidheil seo a ghlèidheadh.
"Feumar a sàbhaladh - tha eachdraidh na h-eaglaise a' dol air ais chun 7mh Linn agus chan eil mòran rudan againn anns an eilean a tha cho aosta ri sin."
Tha a' bhuidheann air coinneachadh ri buidhnean a dh'fhaodadh an obair a tha a dhìth a mhaoineachadh - ach chan eil cùisean a' coimhead ro ghealltanach aig an ìre seo.
"Chan eil sinn air faighinn mòran misneachd gu ruige seo - ach chan eil sin ag ràdh nach fhaodadh e a thighinn."
"Nuair a chaidh am pìos sin a dhèanamh bha an aon dhuilgheadas againn agus 's ann a thàinig siud a-mach às an adhar gun robh an t-airgead sin aca agus gum feumadh iad a chaitheamh air a' mhìos sin".
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 19 An Dùbhlachd 2014
- Published
- 28 An Giblean 2014