Dàil eile dhan Mhargaidh Bhictorianaich?

  • Air fhoillseachadh
A' Mhargaidh BhictorianachTùs an deilbh, Colin Smith / Geograph

Thèid iarraidh air comhairlichean Inbhir Nis dàil eile a chur air an cuid phlanaichean airson a' Mhargaid Bhictòrianach air Sràid na h-Acadamaidh a chur fo stiùir chompanaidh phrìobhaidich.

Tha luchd-gnothachais ag iarraidh barrachd tìde gus am faigh iad air plana-gnìomhachais a chur air dòigh iad fhèin.

Tha Comhairle na Gaidhealtachd ag ràdh gu bheil na tha iad a' cosg air a' Mhargaidh Bhictorianaich a' sìor èirigh.

Tha an t-ùghdarras ionadail a-niste am beachd a' mhargaidh a chur fo stiùir chompanaidh phrìobhaidich.

Ach tha an luchd-gnothachais den bheachd gun tèid am màl suas, agus gun tèid cuid de na gnothachasan aca à bith ri linn.

Thèid iarraidh Diardaoin air Comataidh Baile Inbhir Nis an cùmhnant airson a' mhargaidh a chur a-mach gu tairgse.

Ach dh'iarr luchd-gnothachais gun rachadh dàil a chur air sin.

Tha iadsan airson plana-gnìomhachais a chur air dòigh iad fhèin.

Dh'iarr iad gum faigheadh iad dà mhìos airson sin a dhèanamh.

Thuirt fear-labhairt dhaibh, Seonaidh West, gu bheil iad an dòchas aonta a ruighinn leis a' Chomhairle a dh'fhàgas gun soirbhich leis a' mhargaidh gun taic bho chompanaidh phrìobhaidich.