Clèir 'son seirbheis a dhìon
- Air fhoillseachadh

Tha Clèir Leòdhais de dh'Eaglais na h-Alba ag iarraidh air Comhairle nan Eilean Siar gun seirbheis chùraim tron oidhche san dachaigh anns na h-Eileanan a ghearradh idir.
Tha sin am measg nan gearraidhean ris a bheil a' Chomhairle a' coimhead 's aca ris na milleanan notaichean a chùmhnadh.
Thuirt Fear-Gairm Chùraim Shòisealta na h-Eaglais, an t-Urr. Uisdean Stiùbhart, gu bheil co-fhaireachdainn aca do shuidheachadh na Comhairle, ach gur e seirbheis a th' ann a bu chòir a ghlèidheadh.
"Tha daoine air a thighinn thugainn mar chlèir leis na draghan seo," thuirt e.
"Tha eagal air mòran de na seann daoine a tha a' cleachdadh na seirbheis.
"Thàinig fios thuca mu dheidhinn nan gearraidhean agus chuir e eagal orra.
"Bhon tha fhios acasan am feum a tha e a' dèanamh dhaibh, agus 's i a' cheist a th' orra, cò a tha a' dol ga dhèanamh mura bi a' Chomhairle ga thoirt seachad?" thuirt e.