Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 Am Faoilleach 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Obar Dheathain

Thèid còrr air £5m de thaic-airgid a ghealltainn airson baile Obar Dheathain agus sgìre an ear-thuath. Cuiridh Riaghaltas na h-Alba còrr air leth den t-suim sin an sàs iad fhèin, a thuilleadh air "Aonta Baile", no "City Deal" a thèid a mhaoineachadh an dà chuid le Riaghaltas Westminster agus Riaghaltas Holyrood. Tha dùil gun tèid an t-airgead a chosg, am measg eile, air leasachaidhean rèile eadar Monadh Ròis agus Obar Dheathain, agus cuideachd airson piseach a thoirt air port Obar Dheathain. Tha an sgìre air a bhith a' fulang le crìonadh ann an gnìomhachas na h-ola, am measg eile.

Fògarraich

Dhearbh Riaghaltas Bhreatainn gun gabh an dùthaich barrachd chloinne a tha nam fògarraich ann an Siria, agus bho champaichean ann an dùthchannan timcheall air Siria. Chan eil fhios fhathast co mheud a ghabhas Breatainn, ach bidh seo a thuilleadh air an 20,000 fògarrach a gheall an dùthaich a ghabhail thairis air an ath-chòig bliadhna. Cha ghabh Breatainn ge-tà, clann leotha fhèin, a th' air an Roinn Eòrpa a ruighinn mar thà.

Young's Seafood

Tha a' chompanaidh Young's Seafood air innse gu bheil iad a' dùnadh gu tur an taigh-smòcaidh aca ann am Baile nan Granndach. Chaidh 24 cosnadh a chall aig an làraich aig deireadh na bliadhna an-uiridh nuair a bha trioblaidean ionmhais aig a' bhuidhinn 's iad air cùmhnant luachmhor le Sainsbury's a chall. Bha Young's air a bhith a' feuchainn ris an làrach a cheannach bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, agus iad a' cumail a-mach gun toireadh seo cothrom dhaibh an obair aca a thòiseachadh a-rithist. Ach dhiùlt HIE an làrach a reic, 's iad ag ràdh gun robh e gu maith na coimhearsnachd gum biodh e ann an làmhan na buidhne poblaich.

Eaconamaidh Bhreatainn

Thàinig fàs de 0.5% air eaconamaidh Bhreatainn sa chairteal mu dheireadh den bhliadhna an-uiridh. Tha sin a' ciallachadh gun robh fàs còrr air 2% anns an eaconamaidh thairis air a' bhliadhna 2015 uile gu lèir.

Google

Dh'iarr an dà chuid an SNP agus na Làbaraich gun tèid sgrùdadh a dhèanamh leis a' Choimisean Eòrpach air an aonta dhan tàinig Roinn nan Cìsean le Google. Bha an Coimisean air cantainn gun sgrùdadh iad a' chùis nam faigheadh iad gearain. Phàigh Google £130m de chìsean, ach tha mòran a' gearain nach robh sin gu leòr.