Taigh-smocaidh ga dhùnadh

  • Air fhoillseachadh
YoungsTùs an deilbh, Youngs website

Tha a' chompanaidh Young's Seafood air innse gu bheil iad a' dùnadh gu tur an taigh-smòcaidh aca ann am Baile nan Granndach.

Chaidh 24 cosnadh a chall aig an làraich aig deireadh na bliadhna an-uiridh nuair a bha trioblaidean ionmhais aig a' bhuidhinn 's iad air cùmhnant luachmhor le Sainsbury's a chall.

Bha Young's air a bhith a' feuchainn ris an làrach a cheannach bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, agus iad a' cumail a-mach gun toireadh seo cothrom dhaibh an obair aca a thòiseachadh a-rithist.

Ach dhiùlt HIE an làrach a reic, 's iad ag ràdh gun robh e gu maith na coimhearsnachd gum biodh e ann an làmhan na buidhne poblaich.