Factaraidh Norbord ga leudachadh
- Air fhoillseachadh

Dh'innis a' chompaniadh Chanadianach Norbord gun cuir iad £95m an sàs san fhactaraidh aca faisg air Inbhir Nis, a bhios a' dèanamh phanalan fiodha.
Dh'fhaodadh gun leig an t-airgead leis an fhactaraidh, aig Morayston, ri taobh an A96, a dhà uimhir de stuth a dhèanamh sa bhliadhna, bho 350,000 meatar ciùbach, gu 750,000.
Thabhainn Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean tabhartas £11.5m air a' chompanaidh mu choinneimh a' phròiseict.
Chuir BP Inbhir Nis, Inbhir Narann, Bàideanach is Shrath Spè, Drew Hendry, fàilte air an naidheachd.
Thuirt Norbord gun toireadh am pròiseact tèarainteachd don luchd-obrach a tha a' faighinn cosnaidh aig an fhactaraidh.
Thug Comhairle na Gàidhealtachd cead o chionn dà bhliadhna do leudachadh aig an làraich.