Sgoiltean nan Eilean Siar dùinte

Rabhadh orainds

Bidh sgoiltean nan Eilean Siar air fad dùinte Dihaoine, agus dùil ri fìor dhroch aimsir.

Tha Rabhadh Orainds an sàs sna h-Eileanan Siar, agus dùil gun ruig a' ghaoth, bhon iar 's an iar-dheas, eadar 60 agus 70 m.s.u. air feadh na h-Alba - 's dòcha cho mòr ri 80 m.s.u. air mullaichean nam beanntan agus air na cladaichean.

Cha mhotha gum bi seirbheisean bus sam bith a' ruith sna h-Eileanan Siar gu às dèidh meadhan-là.

Thathas a' toirt rabhaidh do dhràibhearan a bhith air am faiceall, gu h-àraid air na cabhsairean, agus cuideachd ag ràdh gur dòcha gun tèid seirbheisean aiseig a chur dheth, gun tèid milleadh a dhèanamh air togalaichean, agus gun caillear cumhachd an dealain ann an cuid de sgìrean.

Tha a' Chomhairle ag iarraidh air a' phoball agus companaidhean togail stuth a tha a-muigh agus a dh'fhaodadh falbh sa ghaoith a cheangal sìos.

Dh'iarr a' Chomhairle cuideachd air teaghlaichean a bhith faisg air seann daoine agus daoine le feumalachdan sònraichte gus an tèid aca air cuideachadh a thoirt dhaibh.

Chuir a' chompanaidh dealain SSE Rabhadh Buidhe an sàs, agus tha iad ag ullachadh airson dèiligeadh ri call cumhachd sam bith.