Stoirm a' toirt buaidh

  • Air fhoillseachadh
Rabhadh Orainds

Tha stoirm "Gertrude" a' toirt buaidh mhòir air goireasan siubhail madainn Dihaoine.

Tha drochaidean Ceasaig, Foirthe agus Tatha uile dùinte, tha craobhan air tuiteam air grunn rathaidean mòra agus tha maill air mòran sheirbheisean aiseig agus trèana.

Tha sgoiltean dùinte cuideachd ann an grunn sgìrean, agus 6,000 dachaigh sa cheann a tuath gun chumhachd an dealain.

Anns na h-Eileanan, tha 360 dachaigh ann an Lacasdal an Leòdhas gun chumhachd an dealain, ach chaidh dealan a thilleadh dhan a h-uile sgìre eile.

Bha uspagan gaoithe a' ruighinn 90 m.s.u. toiseach na maidne.

Chaidh na sgoiltean gu lèir a dhùnadh sna h-Eileanan an Iar agus an Sealtainn.

Cha bhith seòlaidhean aiseig idir chun nan Eileanan an Iar gu co-dhiù feasgar, le seirbheisean Leòdhais, Na Hearadh agus Uibhist a Tuath dheth gu Disathairne.

Cha bhi trèanaichean a' ruith tuath air Inbhir Nis neo eadar Inbhir Nis is Peairt gu meadhan là Dihaoine.

Tha an aon shuidheachadh air na trèanaichean eadar Glaschu, an t-Òban agus Malaig.

Feumaidh dràibhearan an A9 a chleachdadh airson faighinn seachad air maoim-slèibhe air an A82 faisg air Drochaid an Aonachain ann am Bràigh Loch Abar.