Gob a' Ghallain leis a' choimhearsnachd

Gob a' Ghallain

Bidh seann làrach an RAF air taobh siar Leòdhais a' tighinn fo shealbh na coimhearsnachd Dihaoine.

Cheannaich muinntir Àird Ùig' Gob a' Ghallain far an robh uair Feachd an Adhair a' cumail faire airson bhàtaichean-aigeann Ruiseannach.

Thòisich an t-urras coimhearsnachd an obair airson an t-ionad a cheannach ann an 2014.

Tha an làrach air a bhith leis an MoD fad còrr is 60 bliadhna.

Fhuair iad taic bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Comhairle nan Eilean Siar, agus Riaghaltas na h-Alba.

Chosg am fearann fhèin £110,000, agus cluinnidh an t-Urras an ath-mhìos am faigh iad maoineachadh de chòrr air £500,000 airson na planaichean aca a thoirt air adhart.

Tha iad airson ionad speuradaireachd a stèidheachadh, far am bi cothrom cuideachd aig daoine creutairean mara fhaicinn, agus dh'fhaoidte mucan-mara a chluinntinn a' seinn.