Co-chomhairle air plana Gàidhlig HIE
- Air fhoillseachadh

Thòisich co-chomhairle phoblach an t-seachdain seo air plana Gàidhlig ùr Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE).
Mairidh an conaltradh sia seachdainnean.
'S e seo an treas plana aig a' bhuidhinn Riaghaltais a tha a' brosnachadh leasachaidhean sòisealta agus eaconamach ann an ceann a tuath na h-Alba bho Sealtainn gu Earra-Ghàidheal.
"Tha am plana ùr seo a' cur prìomhachais air an dòigh sa bheil Gàidhlig ga cur gu feum mar stòras eaconamach agus sòisealta ann an diofar shuidheachaidhean," thuirt Màiri Bertram bho HIE.
"Mar a thàinig a-mach às an rannsachadh a rinn HIE an-uiridh - an rannsachadh leis an ainm "Ar Stòras Gàidhlig" - rinn an aithisg dearbhadh gun robh luach còrr air £5m an lùib na Gàidhlig dhan eaconamaidh.
"Bidh am plana Gàidhlig seo a' togail air sin, agus tha am plana ùr seo cuideachd a' cur solas air na cothroman mòra a tha ag èirigh a-mach às a' chànan, agus i a' cur ri leasachadh eaconamach na sgìre," thuirt i.