Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 Am Faoilleach 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Stoirm

Tha an stoirm "Gertrude" a' toirt buaidh air mòran de dh'Alba. Tha còrr air 10,000 duine gun dealan sa cheann a tuath, agus tha seirbheisean còmhdhail troimhe-chèile. Tha am fiosrachadh aig Dòmhnall MacLaomainn:

"Le còrr is 10,000 neach ann an ceann a tuath na dùthcha gun dealan, tha Stoirm "Gertrude" air buaidh mhòr a thoirt air seirbheisean madainn an-diugh. Sna h-Eileanan an Iar tha fhathast mu 360 dachaigh gun chumhachd ann an Lacasdal, 's tha na sgoiltean gu lèir dùinte. Ann an Sealtainn tha rabhadh dearg air a bhith air fhoillseachadh airson feasgar an-diugh. Le dùil ri uspagan gaoithe nas làidire na 100 mìle san uair tha grunn sgoiltean dùinte air a' Ghàidhealtachd agus Siorrachd Shruighlea. Air na rathaidean tha Drochaid Thatha agus Fhoirthe fhathast dùinte airson a' h-uile carbaid, agus tha an A96 dùinte aig Hunndaidh. Chan eil aiseagan a' seòladh idir chun nan Eileanan an Iar an-diugh, agus tha dàil agi puirt-adhair nan eilean cuideachd. Cha bhi seirbheisean rèile eadar Inbhir Nis is Gallaibh, agus Inbhir Nis is Peairt ann gu feasgar, leis an aon shuidheachadh eadar Glaschu is an t-Òban is Malaig."

An t-Aonadh Eòrpach

Coinnichidh am Prìomhaire ri ceannardan dùthchannan eile an AE sa Bhruiseil an-diug agus còmhraidhean a' dol air càirdeas Bhreatainn ris an AE atharrachadh. Tha dùil gu bheil iad faisg air aonta a bhiodh a' ciallachadh nach biodh aig Breatainn ri sochairean cosnaidh a thoirt do dhaoine bho dhùthchannan eile an AE a tha ag obair am Breatainn fad ceithir bliadhna.

Comhairlean

Thig ceannardan a' mhòr-chuid de chomhairlean na h-Alba còmhla an-diugh airson bruidhinn mun aonta airgid a tha Riaghaltas na h-Alba a' tabhainn orra. Tha mòran aca a' cumail a-mach gum bi iad a' faighinn nas lugha na bha dùil bhon Riaghaltas, agus tha iad ag ràdh gum biodh an t-aonta ga dhèanamh na bu doirbhe dhaibh a' chìs-chomhairle a chur an-àirde. Tha an Riaghaltas ag ràdh gu bheil an t-aonta a tha iad a' moladh a' fàgail dùbhlain aca ach gu bheil e cothromach.

Tubaist Taca

Chaidh duine a mharbhadh ann an tubaist aig tac ann an Siorrachd Obar Dheathain. Bha an duine ag obair air Tac Annochie, faisg air Achadh nan Cat, feasgar an-dè. Chaidh an duine ainmeachadh anns an sgìre mar Gary Coutts, a bha 32. Tha na Poilis a' rannsachadh na thachair.