Stoirm eile a' bualadh

  • Air fhoillseachadh
Rabhadh Orainds

Chaidh rabhadh a thoirt do dhaoine sna h-Eileanan an Iar gun a bhith a' siubhal ma 's urrainn dhaibh idir nuair a thig Stoirm "Eanraig" Diluain.

Tha dùil ri gaoith cho mòr ri 90 m.s.u.

'S ann eadar 3:00f Diluain agus 03:00m Dimàirt as cunnartaich a bhios an aimsir.

Tha sgoiltean nan eilean uile dùinte Diluain, ged a thathas ag iarraidh air luchd-teagaisg a dhol a dh'obair mar às àbhaist.

Tha na h-uimhir de sgoiltean air Tìr Mòr na Gàidhealtachd cuideachd dùinte.

Tha an droch shìde a' toirt buaidh mar thà air seirbheisean aiseig agus trèanaichean.

Thuirt ScotRail gun deadh cuid de na seirbheisean aca a stad tràth feasgar.

Nam measg tha:

  • Inbhir Nis - Caol Loch Aillse
  • Loidhne Thaobh Siar na Gàidhealtachd
  • Glaschu - Cill Dingeain, Cala Àird Rosain agus an Learghaidh Ghallda
  • Baile Eilidh Meadhanach, Dùn Bhreatann Meadhanach - Dùn Èideann

Air Ghàidhealtachd, chaidh drochaid Linne Chrombaidh a dhùnadh do charbadan àrda, an dèidh don ghaoith làraidh a chur air a cliathaich.

'S e Eanraig an ochdamh stoirm mhòr a th' air bualadh air an dùthaich air a' Gheamhradh seo.

Tha a' Chomhairle a' toirt rabhaidh cuideachd gum faodadh tuiltean a bhith ann air rathaidean faisg air na cladaichean ìosal agus dùil ri tuinn mhòra a' bualadh air cabhsairean 's ballachan mara.

Tha Oifis na Sìde air Rabhadh Orainds a sgaoileadh gu 09:00m Dimàirt airson cha-mhòr an dùthaich air fad, leis a' chòrr de dh'Alba, ach a-mhàin Sealtainn, a' tighinn fo Rabhadh Buidhe.

Ged a bhios a' ghaoth air socrachadh, bidh i fhathast cho mòr ri 70 m.s.u. ann an cuid de dh'àiteachan.