Teagamh mu ghealltanas SAC

Caolas Bharraigh

Tha dragh ann am Barraigh nach eil Riaghaltas na h-Alba a' cumail ris na gheall iad a thaobh sgìre ghlèidhte mhara ann an Caolas Bharraigh.

Tha dà bhliadhna bho chaidh aontachadh SAC a chur an sin le gealltanas gum biodh a' choimhearsnachd an sàs anns a' chomataidh stiùiridh.

Ach tha Aonghas MacLeòid, iasgair a tha an sàs anns a' buidhinn iomairt, SHAMED, ag ràdh nach eil dad de choltas ann gu bheil sin a' tachairt.

"Tha sinn an dèidh a bhith a' faighneachd gu math tric san trì bliadhna a chaidh seachad, dè tha a' cumail a' gnothaich o chur ri chèile, 's dè tha a' tachairt mu dheidhinn?," thuirt e.

An fhìrinn

"Chan eil sinn a' faighinn freagairt dhòigheil uair sam bith.

"Tha iad ag ràdh gu bheil gnothaichean air an cur air ais no gu bheil planaichean air an cur ri chèile. Ach chan fhaca sinn dad dheth fhathast.

"A rèir choltais, tha sinn a' dèanamh a-mach agus mar a thachair iomadach àite eile timcheall na Roinn Eòrpa - tha e a' tachairt an Alba cuideachd - gu bheil iad a' stòladh a' ghnothaich, gum faigh an Riaghaltas air na riaghailtean aca fhèin a chur air aghaidh, ged is e SAC, no MPA, no ge b' i dè an t-ainm a chuireas iad tarsainn air.

"Agus gum faigh iad fhèin air a h-uile sgath a chur ann an àite mus tig comataidh no buidheann sam bith às na coimhearsnachdan, gun urrainn dhaibh atharrachadh sam bith no diofar a dhèanamh air ro thràth, agus gum bi a h-uile sgath air a chur na àite fhèin aig an Riaghaltas agus an luchd-coiteachaidh uaine a tha a' putadh leithid seo.

"Bu mhath leinn fhaicinn gun tigeadh an fìrinn a-mach, agus dè an dol ann a th' aca.

"Carson a tha iad a' slaodadh seo a-mach?

"Tha sinn an dèidh a bhith a' strì on bhliadhna 2000 an aghaidh (SAC) Caolas Bharraigh.

"Ach leithid MPA, tha iad gam bualadh a-steach taobh a-staigh mhìosan.

"So feumaidh gu bheil iad air rudeigin eadar-dhealaichte a dhèanamh anns an SAC son a' Chaolais ma tha iad ga shlaodadh a-mach cho fada seo," thuirt e.

Thuirt fear-labhairt bho Riaghaltas na h-Alba gun deach tabhartas a thoirt do Bhuidhinn Saor-Thoileach Bharraigh is Bhatarsaigh ann an 2013/14 is 2014-15 'son coimhead ri roghainnean 'son smachd a thoirt dhan choimhearsnachd a thaobh SAC Chaolas Bharraigh a stiùireadh.

Thuirt am fear-labhairt gu bheil crìoch ga cur air aithisg mun chùis an-dràsta, is gun tèid a foillseachadh an ceartuair.