Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An Gearran 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

An t-Aonadh Eòrpach

Thuirt Ceann-Suidhe na Comhairle Eòrpaich, Dòmhnall Tusk, gur e an-diugh an là as cudromaiche fhathast ann an Còmhraidhean Dhàibhidh Chamshroin ris an Aonadh Eòrpach. Sgaoil na còmhraidhean sin an-raoir gun aonta, ged a thuirt Sràid Downing gun robh adhartas ann.

Cìsean

Tha a h-uile dùil gun tabhainn Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte aonta ùr air Riaghaltas na h-Alba an-diugh air cumhachd chìsean ùra Holyrood. Tha dùil ris an tairgse as ùire an dèidh chòmhraidhean ann an Lunnainn an-diugh a-rithist, agus e a' faileachadh orra gu ruige seo, aonta a dhèanamh air siostam rianachd air an airgead a bhiodh aig Riaghaltas na h-Alba.

Stoirm

Cuiridh an stoirm ris a bheil dùil feasgar an-diugh maill air luchd-siubhail air feadh Alba. 'S e Stoirm "Eanraig" a thug Oifis na Sìde oirre an turas seo, 's e mar thà air fàgail mòran de sheirbheisean aiseig a' chosta an iar nan tàmh. Tha dùil ri gèile cho mòr ri 90 m.s.u. aig amannan air a' chosta an iar agus anns na h-Eileanan, bho 3:00f an-diugh gu 09:00m a-màireach. Tha sgoiltean nan Eilean Siar uile dùinte, agus feadhainn anns an Eilean Sgitheanach agus air Tìr Mòr. Bidh Àrd-Sgoil Phort Rìgh a' dùnadh tràth aig 1:00f, agus ann am Beinn nam Fadhla tha ionad an dotair ann an Grìminis, agus an t-ionad aca am Branch Surgery ann an Dalabrog, a' dùnadh aig 1:00f.

GM

Fhuair luchd-saidheans Breatannach cead atharrachadh ginideach a dhèanamh airson a' chiad uair riamh air embryo mhic an duine. Thug a' bhuidheann riaghlaidh, an HFEA cead do dheuchainnean airson barrachd ionnsachadh mu fhìor thoiseach beatha mhic an duine.

Taghadh nan Stàitean Aonaichte

Tha a' chiad bhòt phoblach ann a-nochd ann am farpais tagraichean nam pàrtaidhean airson taghadh a' Chinn-Suidhe sna Stàitean Aonaichte. Tha a' chiad taghadh ann an Iowa, agus gu ruige seo Dòmhnall Trump air thoiseach ann am farpais nam Poblachdach, agus Hillary Clinton sa chiad àite aig na Deamocrataich.

Abhainn Nis

Tha obair theasairginn mhòr a' dol air adhart a-rithist ann an Inbhir Nis an-diugh an dèidh aithris gun do thuit duine far Drochaid nam Manach anns a' bhaile feasgar an-dè. Thuirt Poilis Alba gu bheil bàta-teasairginn agus maoir-chladaich fhathast a' coimhead airson an duine.

Port-adhair an Eilein Sgitheanaich

Thuirt sgrùdadh ùr air na buanachdan eaconamach agus sòisealta gun dèanadh trì anns gach ceithir de bhuidhnean gnothaich an Eilein Sgitheanaich feum de sheirbheis adhair às ùr eadar an t-eilean agus meadhan na h-Alba. Thuirt Ball-Pàrlamaid na sgìre, Iain Blackford, gun toir an sgrùdadh taic dhan argamaid airson seirbheis ùir nuair a thèid iad gu Riaghaltas na h-Alba leis.