Taic airson seirbheis adhair
- Air fhoillseachadh

Tha trì gnìomhachasan às gach ceithir anns an Eilean Sgitheanach ag ràdh gun cleachdadh iad seribheis adhair co-dhiù ceithir tursan sa bhliadhna.
Sin a rèir dreach-aithisg ùir a chaidh a dhèanamh às leth Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean 's iad a' coimhead ris an iarrtas a th' ann airson seirbheis adhair eadar meadhan na dùthcha agus an t-eilean.
Chaidh coinneamh a chumail ann am Port Rìgh far an deach an dreach-aithisg fhoillseachadh.
Thuirt Boyd Robasdan, bhon iomairt Fly Skye, gun robh iad toilichte leis na toraidhean.
Bha Mgr Robasdan ag ràdh cuideachd gu bheil an àireamh de ghnìomhachasan anns an Eilean Sgitheanach air a dhol am meud: "Tha e a' sìor fhàs, agus sin aon rud a thàinig a-mach às an sgrùdadh - gu bheil gnìomhachasan cruthachail agus gnìomhachasan proifeasanta a' sìor èirigh anns an sgìre seo.
"'S e iadsan as motha a chleachdadh goireasan den leithid seo."
A thilleadh air an sin, bha e ag ràdh gun deadh seirbheisean slàinte a neartachadh nam biodh raon-laighe ceart anns an Eilean Sgitheanach.
Bu chòir dhan aithisg a bhith air a foillseachadh aig deireadh na h-ath-mhìos.
B' e Buidheann Còmhdhail na Gàidhealtachd (HITRANS), Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus Comhairle na Gàidhealtachd a chur seo air chois.
Thuirt Mgr Robasdan gu bheil e an dòchas gum bi an aithisg air beulaibh luchd-poileataigs Holyrood às dèidh an taghaidh anns a' Chèitean.