Moladh airson sgioba Ross County

Jim Mac an t-Saoir Image copyright SNS Group Rob Casey
Image caption Manaidsear Ross County, Jim Mac an t-Saoir, a' dèanamh gàirdeachais às dèidh dhan sgioba a' chùis a dhèanamh air Celtic.

Mhol manaidsear Ross County, Jim Mac an t-Saoir, an sgioba às dèidh mar a thàinig iad air ais bho bhith a' call 0-1 gus a' chùis a dhèanamh air Celtic, a chaidh sìos gu deichnear, 3-1 anns an iar-chuairt dheireannaich de Chupa na Lìge.

Chuir Gary MacAoidh-Steven Celtic air thoiseach às dèidh 26 diogan, ach cha do ghèill County, agus bidh iad a-nis an aghaidh Hibernian anns a' chuairt dheireannaich air an 13mh den Mhàrt.

Thuirt Mgr Mac an t-Saoir gur e bristeadh-dùil mòr a bh' ann tadhal a chall cho tràth, ach gun do sheall na cluicheadairean gun robh iad gu math dìoghrasach le mar a fhuair iad buaidh.

Chuir Màrtainn Woods beab-peanais a-steach às dèidh mar a chaidh Efe Ambrose a chur dheth airson Alex Schalk a thoirt sìos.

Fhuair Pòl Quinn an dàrna tadhal le a cheann, mus d' fhuair Schalk an treas tadhal.

Bha Celtic a' coimhead cunnartach airson greis agus fhuair iad breab-peanais, ach shàbhail fear-ghlèidhidh Chounty an oidhirp aig Leigh Griffiths.