An Storim Eannraig a' toirt buaidh air dealan is còmhdhail

  • Air fhoillseachadh
An Leathad, Taobh Siar RoisTùs an deilbh, Jim Henderson
Fo-thiotal an deilbh,
Dealbh a thog an Weather Watcher Jim MacEannraig aig An Leathad air Taobh Siar Rois.

Thuirt Scottish Hydro gun d'fhuair iad air cumhachd a thoirt air air do chòrr air deich mìle dachaigh an Alba, is iad air a chall ri linn na Stoirm Eannraig.

Tha 1,500 dachaigh fhathast gun dealan, ach thuirt an Hydro gum bu chòir dhaibh fhaighinn air ais uaireigin an-diugh.

Ràinig neart na gaoithe còrr air 90 mìle san uair ann an cuid de sgìrean tron oidhche.

Thug an stoirm buaidh air còmhdhail cuideachd agus tha maill air a bhith air na ròidean, an rèile agus le aiseagan.

Dh'iarr Còmhdhail na h-Alba air luchd-siubhuil rannsachadh a dhèanamh mun t-slighe aca mus fhàg iad an taigh.

Fo-thiotal an deilbh,
An stoirm anns an Òban