Grantaichean taighean croite ag èirigh

Thèid an ìre de ghrant a gheibh croitearan airon taigh a thogail no a leasachadh suas, thuirt Riaghaltas na h-Alba.

Bhon 1mh de Ghiblean, faodaidh croitearan cur a-steach airson suas ri £28,000 fo Sgeama ùr nan Taighean Croite.

Bidh suas ri £38,000 ri fhaodainn airson croiteanan anns na h-eileanan agus sgìrean sònraichte air tìr-mòr.

Bha na h-ìrean de thaic air an reothadh bho 2006.

Thàinig an t-atharrachadh às dèidh co-chomhairleachadh leis a' phoball agus croitearan.

Thuirt am Ministear Àrainneachd Aileen NicLeòid gun cuidich seo le bhith a' tàladh dhaoine gu sgìrean air an tuath agus cuideachd le bhith a' cumail dhaoine ann an coimhearsnachdan croitearachd.

Chuir am Ball Tòraidheach airson na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Jamie MacGriogair, a tha cuideachd na fhear-gairm air buidheann chroitearachd na Pàrlamaid fàilte air an naidheachd.

Ach, bha e ag ràdh gun robh làn thìde aig an seo tachairt, leis gun deach an taic a reothadh ann an 2006.