Tansey a' fuireach aig ICT
- Air fhoillseachadh

Dh'fhailich air Obar Dheathain Greg Tansey fhaighinn bho Chaley Thistle Inbhir Nis mus do dhùin uinneag mhalairt a' bhuill-choise Oidhche Luain.
Chaidh aithris gun do rinn iad ceithir tairgsean agus gun robh iad a' smaoineachadh gun robh e aca, 's iad den bheachd gun robh iad air a shaoradh a rèir a chùmhnant le tairgse de £200,000.
Dhiùlt Caley Thistle leigeil le Tansey, a bhios a' cluiche ann am meadhan na pàirce, falbh ge-tà, is an cluba ag ràdh nach robh na briathran ann an cumha a' chùmhnant soilleir.
Chaidh dà bhliadhna a chur ri cùmhnant Thansey aig sgioba Inbhir Nis anns an Fhaoilleach an-uiridh, le roghainn fuireach airson trì bliadhna.
Tha Greg Tansey, a tha 27, air seachd tadhail fhaighinn ann an 28 geamannan air an t-seasan seo.
Aig a' cheart àm, shoidhnich Caley Thistle Ryan Williams, 24, a bhios a' cluich ann am meadhan na pàirce, bho Bhrentford a th' anns an Championship ann an Sasainn.
Chaidh Liam Hughes, 23, a bh' aig Cambridge, thuca cuideachd às dèidh dha a dhol tro dheuchainn.
Agus, tha Ross County air Dàibhidh Goodwillie fhaighinn air iasad bho Obar Dheathain gu deireadh an t-seasain. Chluich Goodwillie trì tursan do dh'Alba.