Cha tèid cìs chomhairle Mhoireibh a chur suas

Comhairle Mhoireibh Image copyright Ryan Main

Chuir Comhairle Mhoireibh às do phlana gus a' chìs comhairle a chur suas cho àrd ri 18%, is cumaidh iad ri reothadh nan cìsean.

Bha buidheann riaghlaidh an ùghdarrais ag ràdh an toiseach gum feumadh iad a' chìs àrdachadh airson seirbheisean a dhìon.

Ach, tha Ceannard na Comhairle, Stiùbhart Cree, ag ràdh gun cuireadh peanasan bho Riaghaltas na h-Alba às dhan bhuannachd a gheibheadh iad.

Tha ùghdarrasan ionadail na h-Alba a' tighinn gu aonta airson na buidseatan aca airson 2016/17 an-dràsta.

Feumaidh Comhairle Mhoireibh, a th' air a riaghladh le co-bhanntachd neo-eisimeilich/Thòraidhich £11.9m a ghearradh anns an ath bhliadhna ionmhais.

Mhol comhairlichean air a' mhìos a dh'fhalbh a' chìs chomhairle a chur an-àirde suas ri 18%, rud a bhiodh a' ciallachadh gum biodh daoine le dachannan Bann D a' pàigheadh £204 a bharrachd anns a' bhliadhna.

Ach, chailleadh an t-ùghdarras £1.1m bho Riaghaltas na h-Alba - suim a tha iad a' faighinn seach gu bheil a' chìs reòta.

Tha cìsean comhairle air a bhith air an reothadh ann an Alba bho 2007.