Chaidh làraidh far an A87 anns an Eilean Sgitheanach

Làraidh
Image caption Chaidh làraidh far an rathaid anns an Eilean Sgitheanach.

Chaidh làraidh far an rathaid air an A87 anns an Eilean Sgitheanach.

Fhuair an dràibhear a-mach às a' chab e fhèin is chaidh a thoirt dhan Ath Leathann.

Thachair an tubaist aig Druim na Cloich mu dheich mìle tuath air an Ath Leathann.

Chaidh fios a chur chun na poilis mun tubaist mu 0830 anns a' mhadainn Dimàirt, ach tha dùil gun thachair e mu uair a thìde roimhe sin.

Chan eil fhios an e an droch aimsir a dh'adhbharaich an tubaist.

Bha gaoth làidir is uisge trom ann aig an àm.