Dragh mu aiseag a' Chorrain

Aiseag a' Chorrain
Image caption Aiseag a' Chorrain

Tha toll mòr ann an cunntasan seirbheis aiseig a' Chorrain.

Tha dragh air cuid gu faodadh sin a bhith ciallachadh gun tig àrdachadh eile air faraidhean.

Bidh comhairlichean a' deasbad na cùis aig coinneimh de chomataidh seirbheisean coimhearsnachd Chomhairle na Gàidhealtachd Diardaoin.

Tha oifigich a' moladh sgrùdadh mionaideach air dè a bu chòir dèanamh mun t-seirbheis san ùine fhada.

Thèid innse do chomhairlichean aig a' choinneimh gum biodh e ro dhaor slighe nas seasmhaiche a thogail an àite seirbheis aiseig.

Càineadh

Rinn aon de chomhairlichean Loch Abair, Anndra Baxter, càineadh air àrd oifigich na comhairle agus e ag ràdh nach robh iad a' toirt feart air feumalachdan an fheadhainn a tha an eisimeil na seirbheis aiseig tarsainn na Linne Duibhe.

Thuirt Mgr Baxter gu robh e toilichte gun deach an t-àrdachadh a bhathar a' moladh anns na faraidhean ìsleachadh bho 4% thar an ath cheithir bliadhna, gu 2% airson na bliadhna a th' air thoiseach.

Rinn an comhairliche Baxter cuideachd soilleir gu robh e fhathast iomagaineach mun t-seirbheis san àm ri teachd.