Peann leusair ag amas air heileacoptair an Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh

Chaidh peann leusair fheuchainn air heileacoptair a bha a' coimhead airson duine ann an Abhainn Nis, thuirt na Poilis.
Thachair seo mu 7:00f Là na Sàbaid.
Tha dùil gun robh an neach leis an leusair, a bha uaine, anns a' Mharc-Innis.
Bha an heilcoptair leis na Maoir-Chladaich a-muigh is aithris air nochdadh gun do thuit fireannach dhan abhainn.
Thuirt na Poilis gu bheil e anabarrach cunnartach leusair a chleachdadh anns an dòigh seo.
Tha pinn-leusair comasach air daoine a dhalladh rè-ùine
Dh'iarr na Poilis air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mun tachartas fios a chur thuca.