Plana Chomhairle na Gàidhealtachd mu fhògarraich a' leantainn

Fògarraich à Siria Image copyright EPA
Image caption Tha Comhairle na Gàidhealtachd an dòchas àite-fuirich a thoirt do suas ri 30 teaghlach.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil an obair aca gus dachannan fhaighinn do chòig teaghlaichean à Siria a' leantainn.

Tha an t-ùghdarras an dòchas àite-fuirich a thoirt do eadar 25 agus 30 teaghlach.

Thuirt iad gu bheil iad ag obair le buidhinn nan ùghdarrasan ionadail COSLA gus dachaigh fhaighinn do chòig teaghlaichean ann an sgìre Linne Mhoireibh.

Dh'fhaodadh gun tèid dachannan a thabhainn air teaghlaichean eile nuair a bhios iad ri fhaotainn, thuirt a' Chomhairle.

Thuirt Ceannard Chomhairle na Gàidhealtachd, Màiread NicDhàibhidh, gu bheil i toilichte leis an adhartas a tha iad a' dèanamh.

Bha i ag ràdh: "Cha-mhòr nach eil sinn deiseil fios a chur gu Oifis na Dùthcha gun gabh a' Ghàidhealtachd fògarraich à Siria."

Tha NHS na Gàidhealtachd agus Poilis na h-Alba air a bhith ag obair leis a' Chomhairle a thaobh nam planaichean.