Am prìosan do dhràibhear às an Òban

  • Air fhoillseachadh

Fhuair Seumas Fearghasdan às an Òban binn prìosain ceithir bliadhna airson bàs adhbharachadh.

Dh'adhbharaich Fearghasdan, 57, bàs Julian Kneeshaw nuair a chaidh e seachad air sreath de charbadan aig lùib air an A85 eadar A' Chrìon Làraich agus an t-Òban.

Chuala an Àrd Chùirt an Dùn Èideann na bu tràithe gun theab Fearghasdan càr a bha a' tighinn mu choinneamh a bhualadh aig an lùib faisg air Dail Mhàilidh.

Thàinig air dràibhear a' chàr sin breiceadh gu grad agus bhuail e an treas chàr.

Chaidh Julian Kneesaw, saor à Tobar Mhoire a bha 44 bliadhna a dh'aois, a mharbhadh.

Chaidh Fearghasdan an aghaidh na casaid gun robh e a' dràibheadh ann an dòigh chunnartach.

Chuala a' chùirt ge-tà gur e dràibhear mì-fhoighidneach a bh' ann agus gun robh e na chunnart.

Fhuair e binn prìosain ceithir bliadhna agus casg-dràibhidh còig bliadhna.

Bidh aige ri deuchainn-dràibhidh nas fhaide a dhèanamh cuideachd mus fhaigh e a chead-dràibhidh air ais.