sse
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Rabhadh mu chosgaisean

3 An Gearran 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dh'fhaodadh gun èirich cuid a chunntasan-dealain nan Eilean Siar £300 sa bhliadhna gus pàigheadh airson càbalan dealain mara a dhìon.

Thuirt SSE nach eil fhios aca dè dh'fhaodadh an obair a chosg.

Ach, thuirt luchd-iomairt gur e sgainneal a th' ann gum faodadh a' chosgais a thighinn air cuid de na daoine as motha a tha a' fulang bochdainn-connaidh.