Dragh mòr an Tiriodh mu ghearraidhean

Tiriodh Image copyright Oliver Dixon / Geograph
Image caption Tha cuid ann an Tiriodh a' togail cheistean mun àite san ùghdarras ionadail.

Cuiridh muinntir Thiriodh litir gu comhairlichean Earra-Ghàidheal is Bhòid a-rithist agus iad ag ràdh nach bu chòir seirbheisean a ghearradh air an eilean.

Tha a' Chomhairle Choimhearsnachd dhen bheachd gun toireadh e fìor dhroch bhuaidh orra nan deigheadh gearraidhean air adhart an ath-sheachdainn agus cuid fiùs a' togail cheistean mun àite san ùghdarras ionadail.

Thuirt Mabel NicArtair, às dèidh coinneamh Oidhche Chiadain: "Tha seo dìreach a' dol a mharbhadh an t-eilean air fad, bidh daoine a' fàgail agus bidh an sgoil a' dol nas miosa - chan eil sinn ag aontachadh leis idir."

Nochd beachd aig a' choinneimh gu bheil Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air fàiligeadh.

Bha Mabel NicArtair ag ràdh: "Dh'fhaodadh nach bi Earra-Ghàidheal is Bòd ann mar chomhairle idir.

"Bha mòran dhaoine aig a' choinneimh a' smaoineachadh gum bu chòir comhairle nan eileanan beaga a bhith againn."