Loganair a' dol a choinneachadh ri Comhairle nan Eilean Siar

Plèana Loganair

Thèid coinneamh a chumail leis a' chompanaidh adhair Loganair aig Comhairle nan Eilean Siar Diluain, 's iad a' dol a mhìneachadh mar a tha iad am beachd piseach a thoirt air an t-seirbheis a thathas a' tabhainn anns na h-eileanan.

Tha seo a' tighinn agus na h-uimhir de ghearrainean air nochdadh mu Loganair anns na h-eileanan bho chionn ghoirid.

'S ann gu sònraichte airson bruidhinn mu na duilgheadasan a th' aig a'chompanaidh le gnothaichean innleadaireachd a tha a' choinneamh ga cur air adhart, ach tha dùil gun tèid bruidhinn mu ghrunn chuspairean eile cuideachd, mar eisimpleir, na th' aca de phlèanaichean agus mar a tha iad a' cumail fiosrachaidh ris an luchd-siubhail nuair a bhios trioblaidean a' nochdadh.

Bidh dithis aig àrd ìre sa chompanaidh an làthair - Stiùiriche nan Gnìomhan, Maurice Boyle, agus Ceannard Roinn na h-Innleadaireachd, Barry Stone.

Bhon chomhairle, bidh Cathraiche Comataidh na Còmhdhail, Iain MacAoidh, ann, an Stiùiriche Teignigich, Iain MacFhionghuin agus Ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul.

Tha a' chomhairle airson faighinn a-mach carson a tha seirbheisean fhathast air dheireadh, is grunn mhìosan ann bho dh'aidich Loganair gun robh laigsean anns an t-siostam, gu h-àraid le roinn na h-innleadaireachd.