Luchd-ciùil eile gan ainmeachadh airson Fèis Cheilteach Innse Gall

Astrid Image copyright Heb Celt
Image caption Thàinig Astrid air ais còmhla 11 bhliadhna às dèidh dhaibh sgaradh.

Chaidh innse gum bi na Red Hot Chilli Pipers, King Creosote agus Astrid a' cluiche aig Fèis Cheilteach Innse Gall am-bliadhna.

Chaidh Runrig, Julie Fowlis agus Hayseed Dixie fhoillseachadh mar thà.

Tha an fhèis a' comharrachadh 21 bhliadhna bho thòisich i.

Thàinig Astrid air ais còmhla 11 bhliadhna às dèidh dhaibh sgaradh.

Thèid iad air chuairt agus bidh clàr ùr aca am-bliadhna.

'S ann à Leòdhas a tha triùir de na fir a thòisich an còmhlan.

Cluichidh King Creosote - Kenny Anderson - aig an fhèis airson a' chiad turais.

Tha e an dèidh còrr air 40 clàr a thoirt a-mach, nam measg, Diamond Mine còmhla ri Jon Hopkins ann an 2011, a chaidh a chur air adhart airson Duais Mhercury agus Clàr Albannach na Bliadhna.

Bidh Rura, agus na h-Urban Teuchtars cuideachd aig an fhèis.

Thuirt stiùiriche na fèise, Caroline NicIllInnein, gu bheil na chaidh fhoillseachadh a' cur gu mòr ris na h-amasan aca.

Bidh an fhèis, a th' air a cumail an Steòrnabhagh, a' dol eadar 13mh agus 16mh an t-Iuchar.