Flataichean comhairle gan togail anns a' Ghearasdan
- Air fhoillseachadh
Thòisich obair gus flataichean ùra comhairle a thogail ann am meadhan a' Ghearasdain.
Bidh a' phròiseict a' ciallachadh gum bi Comhairle na Gàidhealtachd air mu £40m a chosg anns a' bhaile thairis air a' chòig bliadhna mu dheireadh.
Chan eil fada bho ghabh an t-ùghdarras làrach Tweeddale anns a' bhaile thairis.
Thèid 22 flat a thogail air an làraich ron Fhaoilleach an ath-bhliadhna.
Tha còrr air 700 duine air liosta feitheimh taigheadais Loch Abair.