Anndra Houston - neo-chiontach de chasaid gun dh'adhbharaich e bàsan
- Air fhoillseachadh

Chaidh fear-lagha à Dùn Èideann fhaighinn neo-chiontach de chasaid gun mharbh e triùir le bhith a' dràibheadh ann an dòigh mhì-chùramach.
Chaidh Anndra Houston, 48 à Trinity, às àicheadh na casaid gun robh e a' dràibheadh gu mì-chùramach air an A9 eadar Bail' Ùr an t-Slèibhe agus Ceann a' Ghiùthsaich air an 9mh dhen Iuchar 2013.
Bhàsaich a bhean, Abigail, an nighean aca Mia a bha seachd agus neach-turais às a' Ghearmailt, an Dr Mohammad Hayajneh.
Chaidh fhaighinn ciontach de chasaid eile ge-tà - dràibheadh mì-chùramach.
Chaidh càin de £1,000 is casg-dràibhidh bliadhna air.
Thòisich a' chùis aig Cùirt an t-Siorraim an Inbhir Nis Diluain.
Tha àrd dhreuchd aig Mgr Houston aig McSporrans Defence Solicitors an Dùn Èideann.