Doctairean teaghlaich ùra

Chaidh dusan dreuchd doctair-teaghlaich a lìonadh air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-eileanan, às dèidh do NHS na Gàidhealtachd iomairt mhòr fhastaidh a dhèanamh.

Tha trioblaidean an dèidh bhith aig a' bhuidhinn doctairean fhaighinn airson sgìrean air an tuath, agus tha cosgaisean mòra an lùib nan doctairean-locum.

Bho chionn bliadhna, fhuair iad companaidh mhargaidheachd airson sanasachd a dhèanamh agus shoirbhich leotha.

Thuirt am bòrd slàinte nach urrainn dhaibh a ràdh gur e na sanasan a thug a h-uile doctair ùr a fhuair iad bho thòisich an iomairt chun na Gàidhealtachd, ach tha iad dhan bheachd gu bheil dusan doctair-teaghlaich aca nach biodh an-diugh air a' Ghàidhealtach às aonais nan sanasan.