Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An Gearran 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Gheall Breatainn £1.2bn a bharrachd air Sirianaich a theich bhon chogadh shìobhalta. Tha co-labhairt eadar-nàiseanta ann an Lunnainn an-diugh, aig a bheil riochdairean còrr is 70 dùthaich, a' deasbad taic-airgid do mhuinntir Shiria.

Julian Assange

'S e tuigse a' BhBC gun tàinig panal aig na Dùthchannan Aonaichte dhan cho-dhùnadh gun deach an duine a stèidhich an làrach-lìn Wikileaks, Julian Assange, a chumail an grèim gu mì-laghail. Ghabh esan comraich ann an Ambasaid Eacuadoir ann an Lunnainn ann an 2012, gus nach deadh a chur an aghaidh a thoil dhan t-Suain far a bheil e fo amharas mu ionnsaighean drabasta. 'S ann a-màireach a tha dùil ri co-dhùnadh panal an UN air a' chùis.

Prothaidean Shell

Thuirt Shell gur e prìs ìosal na h-ola as coireach gun do thuit am prothaid gu leth. 'S e beagan a bharrachd air £7bn a rinn Shell an-uiridh, sìos bho chòrr is £15bn ann an 2014.

Drochaid Rathaid Fhoirthe

Bheir e mìos nas fhaide na bha dùil mus fhosgail Drochaid Rathaid Fhoirthe dhan a h-uile carbad a-rithist. Bha dùil gum biodh i a' fosgladh a-rithist, an dèidh a càradh, do làraidhean mòra mu mheadhan na mìos seo. Ged a bhios corra-làraidh a' siubhail air an drochaid bho a-nochd, chan fhosgail i gu lèir do charbadan HGV gu meadhan a' Mhàirt.

Lagh nan Taghaidhean

Chaidh molaidhean fhoillseachadh airson ath-leasachadh air an lagh a tha a' riaghladh nan taghaidhean anns an Rìoghachd Aonaichte. Tha còrr is 20 riaghailt ann an-dràsta le mìneachadh air an dòigh sam feum taghadh no referendum a chumail, agus tha luchd-lagha ag ràdh gum feum cothromachd a bhith ann airson cur às do mhì-chinnt.

Tiriodh

Cuiridh muinntir Thiriodh litir, turas eile, gu comhairlichean Earra-Ghàidheal is Bhòid, agus dragh orra gun tèid seirbheisean a ghearradh anns an eilean. Tha Comhairle Coimhearsnachd Thiriodh ag ràdh gun toir e fìor dhroch bhuaidh orra ma thèid gabhail ri gearraidhean an ath-sheachdain, agus iad fiù 's a' togail cheistean mun àite a tha an t-ùghdarras iondail a' toirt dhan eilean.