Sgillinnean Dearga, Sgillinnean Ruadha
- Air fhoillseachadh
- comments
Sgillinn a bharrachd air a' chìs chosnaidh?
Nan cuireadh tu geall air, saoil ciamar a dheigheadh do phàrtaidh a mhol bun-ìre na cìse cosnaidh a chur suas air thoiseach air taghadh?
Is dòcha gum biodh dùil gun tuiteadh am pàrtaidh agus am polasaidh as a chèile ro dheireadh an seachdain nuair a mhothaich iad don mhearachd mhòir a rinneadh leotha.
Ach is coltach gun do thuit sgillinn dearg Kezia Dugdale air an taobh eile.
Aig ceistean a' phrìomh mhinistear an-diugh is ann air Nicola Sturgeon a bha an t-aodann ruadh agus Ms Dugdale a' coimhead na bu chomhartail na h-àite na bha a-riamh.
B' e seo a' chiad uair nach robh a' bheàrn eadar na Làbaraich agus an SNP anns na cunntasan-bheachd builleach cho follaiseach anns an t-Seòmar.
Cha dhùin sgillinn a' bheàrn sin, ach tha ceannard nan Làbarach air astar fhosgladh eadar an dà phàrtaidh.
Gearaidhean
Aig a' cheann-thall, air cuspair eile seach àite na h-Alba anns an Rìoghachd Aonaichte, tha diofar soilleir eadar an dà phàrtaidh as motha ann an Alba.
Coltach ris na Lib Deamaich, tha na Làbaraich a' moladh gun tèid sgillinn a chur air a' chìs cosnaidh anns a' Ghiblean.
Tha na Lib Deamaich ag ràdh gum faigheadh an riaghaltas toradh de £475m a chleachdadh iadsan air foghlam, na Làbaraich £500m a chuireadh iad gu feum gus gearraidhean a sheachnadh do bhuidseat nan comhairlean (£320m a rèir buidseat Iain Swinney fhèin).
Am bliadhna, chan urrainn dhaibh bannan na cìse atharrachadh fa leth - chan fhaigh Holyrood an cumhachd sin gu 2017 aig a' char as tràithe.
Gus nach bi daoine air tuarasdail ìseal nas miosa dheth, tha na Làbaraich a' moladh gum faigh luchd-pàighidh na cìse le teachd a-steach nas lugha na £20,000 duais de £100 air ais gach bliadhna.
Thuirt Nicola Sturgeon an-duigh agus Iain Swinney an-dè nach gabhadh pàigheadh airson seo agus gum faodhadh e bhith taobh a-muigh cumhachdan na Pàrlamaid.
Cothrom
Ach ann an dòigh, chan eil sin gu diofar.
Tha fios aig Kezia Dugdale agus aig Willie Rennie nach fhaigh iad cothrom am polasaidh seo a chur an gnìomh.
Fiù 's nam bitheadh an dà phàrtaidh aca anns an riaghaltas às dèidh a' Chèitein, bidh buidseat 2016-17 stèidhichte agus cha b' urrainn dhaibh atharrachadh.
(Is ann air sgàth sin a tha iad ag ràdh gur e moladh a tha ann airson a' bhuidseit a tha a' dol tron phàrlamaid an-dràsta ged a tha làn dùil gun tèid a' bhòt dheireannach mar a chaidh tè na h-oidhche a-raoir - nan aghaidh).
Thigeadh a' chiad chothrom aig riaghaltas ùr Libearalach-Làbarach cùisean atharrachadh anns a' bhuidseat airson 2017-2018, nuair bhios an cumhachd aig a' Phàrlamaid na h-ìrean as àirde a chur suas gun sgillinn ruadh a chur air bun-ìre na cìse.
Ach chan fheum iad feitheamh cho fada sin mus toir am polasaidh buaidh phoileataigeach.
Dragh
Bha e follaiseach gun do thuig Nicola Sturgeon sin an-diugh.
Dh'fhaighnich Ruth Davidson an diùltadh i cìsean a chur suas às dèidh na bliadhna seo, agus ceannard nan Tòraidhean ag ràdh nach bu chòir cìsean a bhith nas àirde ann an Alba na tha anns a' chòrr dhen Rìoghachd Aonaichte.
Ach is e a chuireas dragh nas motha air a' phrìomh mhinistear gun tèid a faicinn air taobh nan Tòraidhean air polasaidh cìse.
B' e sin a rinn cron mòr air na Làbaraich aig àm an reifrinn, ach a-nis tha Ms Dugdale air an cuspair atharrachadh - fad latha no dhà co-dhiù.
Chì sinn cho fada a mhaireas sin.
Tha na Làbaraich air an geal aca a chur - chì sinn dè an taobh air an tuit an sgillinn ruadh aig a' cheann-thall.