Coinneamh mun bhann-leathann
- Air fhoillseachadh

Nochdaidh riochdairean BhT agus Openreach aig coinneimh phoblaich ann am Port Rìgh Dihaoine gus ceistean a fhreagairt air suidheachadh a' bhainn-leathainn anns an Eilean Sgitheanach.
Chaidh a' choinneamh a ghairm le BP na sgìre, Ian Blackford, an dèidh grunn ghearainnean bho mhuinntir an àite air cho truagh agus a bha am bann-leathann bho àm na Nollaige.
Chaill grunn dhaoine anns an Eilean ceangal bainn-leathain gu tur aig deireadh na bliadhna an-uiridh, agus uisge air faighinn a-steach do chrann-rèidio aig Scòbhal.
Ged a chaidh sin a chàradh, tha draghan ann gu bheil duileaghdasan a' leantainn agus cuid a' cumail a-mach gu bheil seirbheis bhainn-leathainn an eilein fada air dheireadh air chàch.
Tha còrr is 1,000 neach a-nis nam buill de bhuidhinn-iomairt air Facebook.
Coinneamh
Ghairm BP Rois, an Eilein Sgitheanaich is Loch Abair, Ian Blackford, coinneamh le riochdairean bho BhT agus Openreach.
A rèir BhT, tha iad a' cur fàilte air cothrom coinneachadh ri muinntir na sgìre.
Thuirt iad cuideachd gu bheil iad duillich gu bheil duilgheadasan air a bhith aig daoine leis a' bhann-leathann agus gu bheilear ag obair gus piseach a thoirt air bun-structar bainn-leathainn an eilein.
Thèid a' choinneamh a chumail aig 2:30f, ann an Ionad Coimhearsnachd Phort Rìgh.