Misneachd dha na Leòdhasaich
- Air fhoillseachadh

Rinn Camanachd Leòdhais toiseach-tòiseachaidh math dha seusan ùr na h-iomain le buaidh air Loch Carrann ann an geama càirdeil.
Chaidh an geama a ghluasad à Loch Carrann dhan phàirc phlastaig aig Acadamaidh Allt a' Mhuilinn ann an Inbhir Nis air sgàth droch shìde.
Mar thoradh air a' phàirc bhig, chluich na sgiobaidhean le deichnear air gach taobh.
Tha e coltach nach do chuir sin maill sam bith air na Leòdhasaich.
Tadhal
'S iad a chaidh air thoiseach às dèidh 18 mionaidean, Scott MacLeòid òg leis an tadhal.
Ged a fhreagair Loch Carrann le tadhal dhaibh fhèin, ghabh na Leòdhasaich làmh an uachdair a-rithist is Dòmhnall MacLaomainn le tadhal gus an cur air thoiseach 2-1.
Nochd MacLeòid an uair sin san dàrna leth le tadhal eile is ged a thill na Carrannaich le tadhal eile, chrìochnaich an geama 3-2 dha Leòdhas.
Ged nach robh ann ach geama càirdeil, bidh na Leòdhasaich glè riaraichte is seo a' chiad turas a-riamh a rinn iad an gnothach air Loch Carrann, cluba a bha bho chionn beagan bhliadhnaichean sa Phrìomh Lìog.
Fliuch
Dh'fhàg an t-sìde fhliuch nach deach uimhir de gheamaichean càirdeil air adhart 's a bha dùil Disathairne.
Am measg an fheadhainn eile a chaidh air adhart, chrìochnaich Loch Abar is Cill Mhàillidh co-ionnan 4-4.
Thug Baile a' Chaolais droinneadh 8-0 air Gleann Urchaidh is bha buaidh chofhurtail aig Camanachd an Obàin air Inbhir Aora, 5-0.
Leanaidh deasachadh nan sgiobaidhean Disathairne seo tighinn is an seusan fhèin a' tòiseachadh air 5mh am Màrt.
Cha bhi geama ann eadar Uibhist is Leòdhas ge-tà, is an geama sin a-nise air a chur dheth.